Scotlands History

Aonadh nan Crùn 1603

Le bàs nan Banrigh Ealasaid I thàinig mac Màiri Banrigh nan Albannach gu bhith na Righ air Sasainn. Seumas. Bha Seumas na Rìgh air Alba cheana. Bha e pòsta agus bha clann fhallain aige – oighrean a' chrùin. Gu cudromach, b' e rìgh Pròstanach a bh' ann an Seumas cuideachd.

Mharcaich Seumas a-mach à Dùn-Èideann air a' 4 Giblean 1603, ag innse do na h-Albannaich gun tilleadh e a h-uile dhà no thrì bhliadhnaichean. Cha thilleadh e a dh’Alba ach aon turas, ann an 1617, agus bha e a' riaghladh à Lunnainn fad 22 bhliadhna.

Air 11mh den Iuchar 1603 bha crùintean na h-Alba agus Shasainn air an aonadh fo Rìgh Seumas VI na h-Alba nuair a thàinig e gu bhith na Rìgh Seumas I Shasainn.

Ach bha ‘an t-aonadh coileanta’ a bha an Rìgh Seumas a' miannachadh fhathast fad às. Chùm Alba agus Sasainn na Pàrlamaidean aca fhèin, na laghan aca fhèin agus chùin am buinn airgid fhèin.


  • dealbh den seud Lyte a sealtainn Seumas I agus IV

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.