Air 1 Chèitean 1707 reachdaich Pàrlamaid na h-Alba agus Pàrlamaid Shasainn Achd Pàrlamaid airson a dhol ma sgaoil còmhla agus Pàrlamaid aonaichte Rìoghachd Aonaichte Bhreatainn a chruthachadh.
Shuidheadh a' phàrlamaid ùr ann an Lùchairt Westminsteir, dachaigh seann Phàrlamaid Shasainn. Bhathar air feuchainn ri aonaidhean a dhèanamh roimhe seo, ach b' e seo a' chiad uair a bha taic gu leòr air gach taobh airson gun tachradh e.
Gu sìmplidh, bha na h-Albannaich a' cur feum air taic ionmhasail bho Shasainn, agus bha na Sasannaich airson a bhith cinnteach nach taghadh Alba monarc eadar-dhealaichte. Cha b' e, ge-tà, gluasad a chòrd ris a h-uile duine a bh' ann agus bha aca ri dèligeadh ri mòran thrioblaidean sa chiad dol-a-mach agus an dà bhuidheann de chleachdaidhean agus de dhualchasan air an aonachadh ann an aon phàrlamaid.
Sgrìobhadh Raibeart Burns gu h-iomraiteach mun luchd-pàrlamaid Albannach a bh' air an ainm a chur ri Achd an Aonaidh:
...O would, or I had seen the day
That Treason thus could sell us,
My auld grey head had lien in clay,
Wi' Bruce and loyal Wallace!
But pith and power, till my last hour,
I'll mak this declaration;
We're bought and sold for English gold-
Such a parcel of rogues in a nation!
B' e beachd Burns, agus beachd mòran Albannaich, gun deach luchd na pàrlamaid a bh' air an ainm a chur ris an Achd a cheannach le duais. Chaidh deichean de mhìltean notaichean a chur gu tuath mar ath-dhìol an àite na chailleadh luchd na pàrlamaid ri linn an aonaidh agus airson pheinnseanan.
Dh’fhosgladh Aonadh nam Parlamaid ann an 1707 na margaidean ann an dùthchannan a bha fo smachd Shasainn do mhalairt Albannach. Ann an ùine fhuair Alba seachad air call ionmhasail Sgeama Dharien Scheme agus rinn na h-Albannaich na b' urrainn dhaibh leis na cothroman a bha an t-aonadh a' tairgsinn dhaibh.
Sgrùd lethbhreac Albannach de Bhonnan an Aonaidh a' moladh pàrlamaid Alba a cheangal ri Sasainn's ris a' Chuimrigh, le cead bho Leabharlann Bhreatainn.
Airson dearbh-aithne nàiseanta na h-Alba a ghleidheadh, chaidh suaicheantas rìoghail a thoirt gu sàbhailteachd an Caisteal Dhùn Èidinn. Faic lethbhreac de na gnìomhasan a tha a’ dìon ‘Onairean’ na h-Alba às dèidh Achd an Aonaidh 1707.
Leugh cuimhneachain Sheòrais Lockhart à Camwarth, neo-aonadair daingeann, agus e a' clàradh na h-ùpraid an Dùn Èideann ro aonadh nam pàrlamaid.
Sgrùd mar a chuir feadhainn fàilte air aonadh Pàrlamaidean Alba is Shasainn ann an 1707 's mar a bha feadhainn eile gu dubh na aghaidh, leis an aiste fhiosraichte seo agus ìomhaighean na cois.
Lorg tro eachdraidh leis an stòr-dàta farsaing seo bho Oilthigh Chill Rìmhninn. Tha gnothaichean Pàrlamaid Albannach ann bhon chiad achd ann an 1235 gu aonadh 1707.
Càite agus cuin a thachair Achd an Aonaidh agus dè a’ bhuaidh a bha aice? Rannsaich is fast gnìomhan bùth-oibre airson caochladh ìrean curraicealam, le ‘Scottish Archives for Schools’.
Ionnsaich mu leudachadh na pàrlamaid a' cleachdadh phàipearan is sgrìobhainnean eadar-oibre, mar 'Articles of Union with Scotland. 1707,’ le cead bho ‘National Archives’.
Lorg taisbeanadh sònraichte bho Oilthigh Obar Dheathain a' comharrachadh nan 300mh ceann-bliadhna de Aonadh Alba is Shasainn air 1 Cèitean 1707.