Scotlands History

Reachdan Eilean Idhe

Chaidh Reachdan Eilean Idhe a stèidheachadh ann an 1609. Chaidh òrdachadh gun cuireadh ceannardan nan cinnidhean am mic bu shine (no mura biodh sin aca, an nigheanan bu shine) gu bhith air an oideachadh ann an sgoiltean air a' Ghalldachd. An sin, dh’fheumadh iad Beurla ionnsachadh an àite Gàidhlig - ‘made... sufficiently to speik, reid and wryte Englische’ – agus dheigheadh an teagasg le Pròstanaich.

Chaidh ministearan Pròstanach a shuidheachadh ann an sgìrean air feadh na Gàidhealtachd agus bha bàird Gàidhlig air am fògradh:

The chiefs not to entertain wandering bards, or other vagabonds of the sort 'pretending libertie to baird and flattir,' and all such 'vagaboundis, bairdis, juglouris, or suche lyke' [vagabonds, bards, jugglers or such like] to be apprehended, put in the stocks, and expelled the Islands.

B’ iad na bàird luchd-dìona thraidiseanan coimhearsnachd na Gàidhlig dìon agus a' cumail beul-aithris coimhearsnachd na Gàidhlig – bhiodh iad ag innse sgeulachdan agus a’ seinn òrain nan cinneadh. Thathar gu bitheanta a' faicinn Reachdan Eilean Idhe mar chiad oidhirp an Riaghaltais air dualchas na Gàidhlig a chuir fo chìs.


  • dealbh de fèist

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.