Scotlands History

MacBheatha Shakespeare

Bha Uilleam Shakespeare air a' Bhanrigh Ealasaid I a chunntadh mar aon de a luchd-taice. Am-measg a dhealbhan-cluiche agus a phìosan bàrdachd bha mu thràth ‘A Midsummer Night’s Dream’, na sonaidean, ‘Romeo and Juliet’ agus ‘Hamlet’.

Nuair a dh’aonaich an Rìgh Seumas VIcrùintean na h-Alba agus Shasainn, bha Shakespeare luath gus na b' urrainn dha fhaighinn à teachd an Rìgh Albannaich le sgeulachd de bhana-bhuidsichean, rìghrean agus chuilbheartan marbhtach – ‘The Tragedie of MacBeth’.

Tha an dealbh-chluich a' tòiseachadh le MacBheatha agus Banquo a' coinneachadh ri triùir bhana-bhuidsichean air monadh gaothach ann an Alba.

Bana-bhuidseach 1: When shall we three meet again,
In thunder, lightning, or in rain?

Bana-bhuidseach 2: When the hurlyburly's done, 
When the battle's lost and won.

Bha Shakespeare a' faighinn dùsgadh-inntinn à leabhar eachdraidh bhon 16mh linn – “Histoire of Scotland” le Holinshed – a tha ag innse mu choinneamhan eadar MacBheatha, Banquo agus triùir ‘pheathraichean neònach’:

...It fortuned as Makbeth and Banquho iournied towards Fores, where the king then laie, they went... thorough the woods and fields, when suddenlie in the middest of a laund, there met them three women in strange and wild apparell, resembling creatures of elder world...

...afterwards the common opinion was, that these women were either the weird sisters, that is (as ye would say) the goddesses of destinie, or else some nymphs or feiries, indued with knowledge of prophesie by their necromanticall science.

Bha an Rìgh Seumas I air a chreideamh ann am buidseachd agus os-nàdar a dhèanamh soilleir na leabhar ‘Daemonologie’ agus le a gheur-leanmhainn air bana-bhuidsichean Bhearraig a Tuath. Thigeadh àm nuair a dh’fhàsadh e na b' às-creidmheich agus bheireadh e rabhadh do bhritheamhan gun a bhith air am mealladh.

Bu chaomh le Shakespeare a bhith a' toirt os-nàdar chun an àrd-ùrlair. Bha e a' toirt cothrom dha na h-èifeachdan sònraichte a b' ùire a chleachdadh tro na dealbhan-cluiche aige. Dh’fheumadh dealbhan-cluiche Shakespeare strì an aghaidh sàrachadh-mhathan, thaighean-òsta agus marbhadh poblach 's mar sin bha Cluicheadairean an Rìgh a' cleachdadh èifeachdan itealaich, ceò, fuaimean stoirmean a' bualadh agus dorsan falaichte airson sealladh a chruthachadh air an àrd-ùrlar.

Thathar den bheachd sa chumantas gu bheil e mì-shealbhach ainm bròn-cluich Shakespeare ‘MacBheatha’ a labhairt – 's mar sin is e ‘An dealbh-cluich Albannach’ a bhios aig daoine oirre gu tric. Thathar ag ràdh gur e an dealbh-cluich Albannach as coireach ri na ceudan de bhliadhnaichean de thubaistean, de dhroch fhortan, de thubaistean ionmhasail agus eadhon ri bàsan.


  • dealbh de duiilleag ann an leabhar le stùthan a sgrìobh Uilleam Shakespeare

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.