Scotlands History

An Cùmhnant Nàiseanta

B' e aonta a bh' anns a' Chùmhnant Nàiseanta, a chaidh a chomharrachadh ann an 1638 le Albannaich a bha mì-thoilichte agus a bha airson creideamh ath-leasachadh ann an Alba.

Thàinig an Cùmhnant gu bith ri linn easaonta riatanach eadar an sluagh agus an Crùn (na Stiùbhartaich, gu sònraichte Tearlach I). 

Bha an Crùn a' cumail a-mach gur e an Rìgh ceannard spioradail na h-Eaglaise, agus bha an sluagh den bheachd nach b' urrainn do dhuine sam bith, eadhon Rìgh, a bhith na cheannard air eaglais – nach b' urrainn ach do Iosa a bhith na cheannard air an eaglais.

Lean greis de cheannsachadh uabhasach. Mar eisimpleir, b' e olc a bh' ann le smachd bàis a bhith a' searmonachadh ach bho Leabhar na h-Ùrnaigh Choitchinn a chaidh a thoirt a-steach le làmhachas làidir le Teàrlach I ann an 1637.

Thàinig an ceannsachadh seo gu cogadh sìobhalta anns an do cheangail na Cùmhnantaich iad fhèin ri na Sasannaich.


  • dealbh den Chùmhnant Nàiseanta

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.