Scotlands History

Murt Ghlinne Comhann

Air 27 Lùnastal 1691 thairg an Rìgh Uilleam mathanas do chinnidhean na Gàidhealtachd airson am pàirt ann an ar-a-mach nan Seumasach – nan aontaicheadh iad ùmhlachd a ghealltainn dha ro Là na Bliadhn’ Ùire. Dh’fheumadh a' bhòid a bhith air a dèanamh air beulaibh britheamh.  Dh’fhuirich mòran de chinn-cinnidh na Gàidhealtachd ri fios bhon Rìgh Seumas a bha air fhògradh mus do rinn iad a' bhòid.

Ràinig Alasdair MacIain, ceann-feadhna Ghlinne Comhann, An Gearasdan air an 31 Dùbhlachd 1691 airson a' bhòid a dhèanamh ach chaidh innse dha gum feumadh e siubhal timcheall air 70 mìle chun an t-siorraidh ann an Inbhir Aora. Rinn MacIain a' bhòid mu dheireadh thall air an 6 Faoilleach 1692. Fhuair e dearbhachdan gun deigheadh gabhail ri ùmhlachd agus gu robh e fhèin agus a shluagh – Clann Dhòmhnaill Ghlinn Comhann – sàbhailt.

B' e Iain Dalrymple, Maighstir Stair, Rùnaire na Stàite. Bha e an dòchas leisgeil fhaighinn airson eisimplear a dhèanamh de na Cinnidhean Gàidhealach. Bha e air a dhòigh nuair a chuala e nach robh Alasdair MacIain air ùmhlachd a bhòideachadh ro 31 Dùbhlachd:

My Lord Argyle tells me that Glencoe has not taken the oath, at which I rejoice. It is a great work of charity to be exact in the rooting out of that damnable sect, the worst in all the Highlands.

Air an 2 Gearran ràinig timcheall air 120 saighdear Gleann Comhann fo ùghdarras a' Chaiptein Raibeart Caimbeul à Gleann Lìomhann. Chaidh aoigheachd a thoirt dhaibh mar a bha san fhasan air a' Ghàidhealtachd. Rè nan 10 làithean agus oidhcheannan às dèidh sin chaidh biadh, deoch agus àite-còmhnaidh a thoirt do na saighdearan.

Air 12 Gearran fhuair Gleann Lìomhann òrdughan sgrìobhte bho àrd-cheannard, am Màidsear MacDhonnchaidh:

You are hereby ordered to fall upon the rebels, the McDonalds of Glencoe, and put all to the sword under seventy. You are to have a special care that the old Fox and his sons do upon no account escape your hands, you are to secure all the avenues that no man escape.

Aig 5 uairean madainn 12 Gearran 1692 thòisich am marbhadh. Chaidh Alasdair MacIain à Gleann Comhann a mharbhadh le peilear agus e ag èirigh à leabaidh, chaidh a bhean a slaodadh air falbh bhon duine mharbh aice agus chaidh a h-aodach a shlaodadh dhith. Chaochail i làrna-mhàireach. Chaidh taighean a chur nan teine. Cheangail na saighdearan làmhan agus casan cuid de phrìosanaich mus do mharbh iad iad. Dhùisg fuaim nan gunnachan muinntir Ghlinne Comhann. Ruith iad bhon dachaighean agus theich iad do na beanntan.

Chaidh 38 fear, tè agus duine-cloinne a mharbhadh sa mhurt. Chaochail mòran eile bho bhith air an ragadh agus iad a' feuchainn ri teiche tarsainn air na beanntan ann am meadhan a' gheamhraidh.

Dh’fhuiling Clann Dòmhnaill ‘murt fo earbsa’, a bha eadhon na bu mhiosa na murt àbhaisteach fo Lagh na h-Alba. B' e cuideachd gnìomh uabhais leis an stàite an aghaidh a sluagh fhèin a bh' ann am Murt Ghlinne Comhann. Chaidh na Dòmhnallaich a mharbhadh airson eagal a chur air na Cinnidhean Gàidhealach eile agus toirt orra gèilleadh. Bha Iain Dalrymple, Maighstir Stair, air na murtan a dhealbh. Bha ainm-sgrìobhte an Rìgh Uilleim air na h-òrdughan Dòmhnallaich Ghlinn Comhann a mharbhadh.

Mar a sgaoil teachdaireachd nam murt, dh’fheuch an Riaghaltas ris na bh' air tachairt fhalach. Mu dheireadh thall, ann an 1695, thàinig air an Rìgh Uilleam rannsachadh a chur air chois. Leig Maighstir Stair dheth a dhreuchdan agus chaidh peinnsean a thoirt dha leis an Riaghaltas. Chaochail Raibeart Caimbeul à Gleann Lìomhann ann am bochdainn bliadhna às a dhèidh. Cha deach duine a-riamh fheuchainn airson na thachair.


  • dealbh de Glinne Comhann as a Gheamhradh

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.


Download Adobe Flash Player to listen to the audio online.

Download the latest flash player

Èist ris an litir ag òrdachdh a’ mhuirt ann an Gleann Comhann – bhon Mhàidsear Raibeart MacDhonnchaidh chun a’ Chaiptein Raibeart Caimbeul à Gleann Lìomhann.