Scotlands History

Seumas VI agus I (19 Ògmhìos 1566 – 27 Màrt 1625)

Thàinig Seumas gu bhith na Rìgh air Alba nuair a bha e dìreach 13 mìosan a dh’aois. Lean e a mhàthair Màiri, banrìgh nan Albannach Albannach nuair a chaidh toirt oirre an crùn a leigeil seachad. Chaidh Seumas a thogail sa chreideamh Phròstanach. Fhuair e làn chumhachd air a rìoghachd Albannach ann an 1581, agus lean e Ealasaid gu rìgh-chathair Shasainn air 24 Màrt 1603.

Phòs Seumas Anna na Danmhairg ann an 1589 agus bha triùir chloinne aca a thàinig gu ìre: Eanraig, Ealasaid agus Teàrlach (a bhiodh na Teàrlach I). Bha Seumas VI agus I na Rìgh air Alba, Sasainn agus Èirinn fad 22 bhliadhna gus na chaochail e ann an 1625.

Chaidh a ràdh aon uair gum b'e an Rìgh Seumas ‘an t-amadan a bu ghlice sa Chrìosdachd’ – 's dòcha air sgàth 's gum b'e sgoilear mòr a bh’ann ach cha robh e a' gleidheadh fiosrachadh a bha uabhasach feumail.

Rìgh cràbhach leis an eagal cheudna ro  bhrathadh 's ro bhuidseachd; ghabh Seumas pàirt gu pearsanta ann an dearbhaidhean bhana-bhuidsichean Bhearraig a Tuath ann an 1590 agus sgrìobh e ‘Daemonologie, In Forme of a Dialogie, Divided into three Bookes. By James Rx’ a' toirt rabhadh mu nàdar bhana-bhuidsichean agus an diabhail.

Bha Seumas na fhear-taic do Uilleam Shakespeare. Thàinig ‘Fir Tighearna an t-Seumarlain’ – companaidh de fhir-cluiche anns an robh Shakespeare – gu bhith air an ainmeachadh mar ‘Fir an Rìgh’ an dèidh do Ealasaid bàsachadh.

Air 5 Samhain 1605, chaidh casg a chur air Cuilbheart an Fhùdair, a bha gus feuchainn ri Seumas agus a Riaghaltas a mharbhadh. Chaidh Guy Fawkes a ghlacadh le baraillean de fhùdar fo Thaigh nam Morairean.

Cheadaich Seumas VI agus I cairt-còire ann an 1606 gus tuineachadh a stèidheachadh ann an Ameireaga a Tuath. Thugar ‘Baile Sheumais’ no ‘Jamestown’ air mar urram don Rìgh. B' e a' chiad tuineachadh buan a bh'aig Breatainn ann an Ameireaga. Nuair a thadhail Pocahontas air Sasainn à Ameireaga ann an 1616, choinnich i ris an Rìgh Seumas.  B' e an tombaca - stuth a bu lugha air Seumas – am bathar a bu mhotha a bha an tìr-imrich an Achadh an Iubhair a’ cur a-mach.  Sgrìobh e  ‘A counterblaste to tobacco’ a’ toirt rabhadh gu robh smocadh an tombaca:

A custom loathsome to the eye, hateful to the nose, harmful to the brain, dangerous to the lungs, and in the black, stinking fume thereof, nearest resembling the horrible Stygian smoke of the pit that is bottomless.

Chaidh Eadar theangachadh Ceadaichte an Rìgh Sheumais den Bhìoball ainmeachadh air Seumas VI agus I ann an 1608. Chaochail e ann an 1625 an dèidh sreath de thinneasan fhulang.


  • dealbh de Seumas VI agus I

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.


Download Adobe Flash Player to listen to the audio online.

Download the latest flash player

Èist ris an Rìgh Seumas VI agus I a’ cur an cèill  còirichean riaghlaidh bho Dhia ann an òraid don Phàrlamaid ann an 1609.