Scotlands History

Seumas Greumach, Marcas Mhontròis (1612-1650)

Fhuair Seumas Greumach ‘Montròs Mòr’, duin' uasal agus saighdear Albannach, eòlas air gach taobh den Chogadh Shìobhalta.

Chuir e ainm ris a' Chùmhnant Nàiseanta, sa chiad àite ach dh’atharraich e a bheachd agus ghluais e chun an taoibh eile nuair a dh’fhàs e soilleir gu robh na Cùmhnantaich airson gum biodh làn chumhachd aig an eaglais. Bha Montròs den bheachd nach bu chòir don eaglais dragh a ghabhail ach ri gnothaichean spioradail fhad ’s a bhiodh an Rìgh a’ riaghladh na dùthcha agus a’ cumail suas an lagh.

Threòraich Montròs na feachdan Rìoghail gu sreath de bhuaidhean thar nan Cùmhnantach Chlèireach. Bha e os cionn arm anns an robh Gàidheil, Easbaigich agus Caitligich. Nuair a chaidh buaidh fhaighinn air an Rìgh Teàrlach I agus a chaidh fheuchainn agus a chur gu bàs ann an Sasainn, b’ fheudar do Mhontròs teiche gu Nirrbhidh.

Nuair a thill Montròs a dh’Alba a thoirt taic do Theàrlach II a bha air fhògradh, dh’fheuch e agus dh’fhàillich e air na cinnidhean a thogail. Chaidh Montròs a ghlacadh, fheuchainn agus a chrochadh ann an Dùn Èideann – le eachdraidh beatha mhiodalach mu amhaich. Air 21 Chèitean 1650 chaidh a chorp a ghearradh na phìosan – chaidh a ghàirdeanan agus a chasan a chur a Shruighlea, a Pheairt, a dh’Obair Dheadhainn agus a Ghlaschu. Aon bliadhna deug an dèidh sin chaidh a cheann, a chorp, a ghàirdeanan agus a chasan a thoirt a Dhùn Èideann agus an cur gu h-urramach ann an ciste-laighe shaidhbhir. Laigh a chorp gu stàiteil ann an Lùchairt Taigh an Ròid an dèidh dha a chur air ais ri chèile, mus robh seirbheis adhlacaidh air a cumail air a shon ann an Eaglais an Naoimh Giles.


  • peantadh ola de Seumas Greumach, Marcas Mhontròis, 1612 - 1650

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.