Scotlands History

Cuilbheart an Fhùdair

Remember remember the fifth of November
Gunpowder, treason and plot.
I see no reason why gunpowder, treason
Should ever be forgot...

Mar a bha meadhan-oidhche a' dlùthachadh air a' 4 Samhain 1605, bha buidheann de dhaoine armaichte leis a' Mhorair Tòmas Knyvett, bàillidh Westminsteir air an ceann, a' rannsachadh na cùil fo Thaigh nam Morairean. Lorg iad Guy Fawkes agus 36 barailean de fhùdar.

Bha Fawkes na phàirt de chuilbheart dhàna gus an Rìgh Seumas VI agus I, a theaghlach, luchd-pàrlamaid agus na h-uaislean pròstanach a mhurt aig Fosgladh Stàiteil na Pàrlamaid air a' 5mh den t-Samhain.

Am measg nan 13 duine a bha mar phàirt de Chuilbheart an Fhùdair bha Caitligich bheairteach, nam measg Raibeart Catesby, Tòmas Winter, Raibeart Keyes, Sir Tòmas Pearsaidh, Sir Ambros Rokewood agus Sir Frangan Treiseam. Bha iad a' dealbh murt-rìgh agus agus mòran eile a mhurt – gnìomh oillteil – an aghaidh na rianachd Phròstanach, a bha iad an dòchas a bhiodh na mheadhan ar-a-mach Caitligeach ann an Sasainn.

Sgrìobh Sir Frangan Treiseam litir gu a charaid, am Morair Monteagle, a' toirt dha rabhadh cumail air falbh bho Thaigh nam Morairean air a' 5mh latha den t-Samhain. Thug Monteagle an litir gu Rùnaire na Stàite – Raibeart Seasail, ciad Iarla Shalisbury, Ceannard buidheann-brathaidh Shasainn.

Nuair a chaidh a' chuilbheart fhoillseachadh thòisich an lìon a' dùnadh air an luchd-foille. Chaidh Guy Fawkes a chur an grèim air a' 4mh latha den t-Samhain agus theich an luchd-foille eile à Lunnainn. Chaidh a' mhòr-chuid dhiubh a ghlacadh, a chràdh, fheuchainn leis an lagh agus a chur gu bàs.

Rinn cuid de Chuilbheartaich an Fhùdair seasamh dheireannach an aghaidh nan ùghdarrasan aig Taigh Holbeche ann an Siorrachd Stafford. Bha fùdar an cuid armachd fliuch agus dh’fheuch iad ri thiormachadh an tac an teine. Las sradag am fùdar agus reub spreadhadh tron taigh. Chaidh an luchd-foille a chuairteachadh le Siorraidh Worcester agus a dhaoine. Bhàsaich a' mhòrchuid dhiubh ann an sabaid ghunnachan.

Nam biodh air soirbheachadh le Cuilbheart an Fhùdair bhiodh na ceudan air bàsachadh san spreadhadh, nam measg an Rìgh, Eanraig a mhac agus oighre, a Mhorairean agus Easbaigean. Tha eòlaichean den bheachd gu robh còrr is 20 uair na dh’fheumadh e de fhùdar aig Fawkes airson Pàrlamaid Westminsteir a sgrios gu tur.


  • dealbh den na feadhainn a bha an sàs ann an Cuilbheart an Fhùdair, nam measg Gu Fawkes, 1605

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.