Scotlands History

Bàs Theàrlaich I (30 Faoilleach 1649)

Bha Teàrlach I a' riaghladh bho 1625 gu 1649. Bha a riaghladh làn strì, gu mòr air sgàth 's gu robh e a’ feuchainn a-rithist agus a-rithist ri a thoil a bhruthadh air an dùthaich le làmhachas- làidir gun aire a thoirt do chomhairle na Pàrlamaid.

An dèidh ciad Cogdh Sìobhalta Shasainn bha a' Phàrlamaid an dùil gun gabhadh e rin tagraidhean airson monarcachd reachdail a stèidheachadh. Cha do thachair seo, agus air sgàth sin thachair dàrna cogadh sìobhalta. Chaill e a-rithist agus chaidh a chur an grèim. An turas seo chaidh fheuchainn agus fhaighinn ciontach de mhòr-bhrathadh.

Chaidh an rìgh a chur gu bàs ann an 1649. Chaidh a' mhonarcachd a chur à bith an uair sin agus chaidh poblachd air an robh Co-fhlaitheas Shasainn, na h-Alba agus na h-Èireann – no an Cromwellian Interregnum – a stèidheachadh. Sheas an co-fhlaitheas gus an deach a' mhonarcachd ath-stèidheachadh ann an 1660.


  • dealbh peantaidh ola de bàs Teàrlaich I

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.