Scotlands History

Bàs Ealasaid I

Bha Ealasaid I, ‘a' Bhanrigh mhath Ealasaid’, air Sasainn a riaghladh fad 45 bliadhna. Nuair a bha i a' bàsachadh ann an Lùchairt Richmond sa Mhàrt 1603, bhathar a' dealbh phlanaichean airson Seumas VI Rìgh na h-Alba – Mac Màiri, Banrigh nan Albannach – a dhèanamh na Rìgh ùr air Sasainn.

Ann an 1588 bha Ealasaid air a h-aghaidh a chur ri bagairt air ionnsaigh bho fheachd-mara na Spàinn agus iad a' seòladh gu cladaichean Shasainn. Aig Tilbury ann an Essex, bhruidhinn Ealasaid gu h-iomraiteach ri a luchd-sabaid le bhith ag ràdh, ‘Tha fios agam gur e corp lag, fann bhoireannaich a th' agam, ach tha stamag agus cridhe rìgh, agus Rìgh Shasainn cuideachd, agam agus tha mi ga fhaighinn na thàir ghràineil gun gabhadh Parma no an Spàinn, no prionnsa sam bith san Roinn-Eòrpa orra ionnsaigh a thoirt air crìochan mo rìoghachd.’

Thugadh ionnsaigh air feachd-mara na Spàinn le soithichean-teine Shasannach – làn fùdair, teàrr agus pronnaisg – mus ro bhlàr mara aig Gravelines. Sheòl na bh' air fhàgail den fheachd aig an robh dùil ionnsaigh a thoirt air Sasainn timcheall air oirthìr na h-Alba agus chaidh am milleadh ann an stoirmean uabhasach faisg air oirthìr na h-Èireann.

Bha eagal air Ealasaid gun cuireadh rìoghachd Chaitligeach na Spàinn Màiri Banrìgh nan Albannach air rìgh-cathair Shasainn. Mu dheireadh thall, chuir i Màiri gu bàs.

Cha do phòs Ealasaid a-riamh. Gheibheadh an Rìgh Seumas VI, an aon mhac aig Màiri Banrigh nan Albannach agus am Morair Darnley, rìgh-cathair Shasainn oir b' e a sheann-seanmhair Màiri Tùdor – piuthar Eanraig VIII.

Sa Mhàrt 1603 rinn Ealasaid deiseil airson a bàis. Chuir na boireannaich a bha ga frithealadh a-mach cluasagan air làr a seòmar-cadail nuair a dhiùlt i a dhol don leabaidh. An dèidh ceithir làithean chaidh a' Bhanrigh a thogail do a leabaidh. Thàinig trom chadal oirre agus cha do dhùisg i tuilleadh. Chaochail i gu socair, tràth air a' 24mh den Mhàrt 1602 – ‘mar ubhal abaich bhon chraoibh’.

Thathar den bheachd gun deach fàinne a thoirt bho mheur Ealasaid I nuair a chaochail i agus gun deach a cur gu Seumas VI airson dearbhadh gu robh a' Bhanrigh air bàsachadh. Air an fhàinne, a bh' air a dèanamh de rùbaidh, slige neamhnaid agus de dhaoimean, bha dealbhan cruain den Bhanrigh Ealasaid agus de a màthair, Anna Boleyn.

Nuair a fhuair Seumas VI an fhàinne ann an Dùn Èideann bha fios aige gu robh Ealasaid marbh agus gum biodh esan na Rìgh air Sasainn. Rinn e cinnteach gun d' fhuair Ealasaid adhlacadh rìoghail fialaidh. Chaidh a càradh ri taobh a peathar ann an Abaid Westminsteir. Ann an 1612 dh’òrdaich Seumas gun deigheadh cnàmhan a mhàthar an toirt à Cathair-eaglais Pheterborough agus an toirt a Lunnainn. Chaidh tuaim aileabastair àlainn a thoirt dhi – mòran na bu mhotha agus na bu prìseil na tuaim Ealasaid I.


  • dealbh dubh is geal de Ealasaid I

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.