Scotlands History

Oilibhear Crombail (1599-1658)

Ciad Fear-dìona Co-fhlaitheas Shasainn, na h-Alba agus na h-Èireann, rugadh Oilibhear Crombail am measg uaislean agus cha do choisinn e cliù gus an robh e còrr air 40.

B' e saighdear a bh' ann a dh’èirich bho bhith os cionn aon chuideachd shaighdearan gu bhith a' treòrachadh arm slàn air taobh na Pàrlamaid anns a' chogadh shìobhalta. Chuir Crombail ainm sgrìobhte ri barrantas bàis Theàrlaich I.

Dh'ainmich na Cùmhnantaich Chlèireach Albannach Teàrlach II mar Rìgh. Fhreagair Crombail le bhith a' treòrachadh pàirt den Armailt Riaghailteach Ùr gu tuath gus sabaid an aghaidh nan Albannach.

Dh’fhuiling na Cùmhnantaich Albannach call uabhasach aig Blàr Dhùn Bhàir. An dèidh a' bhlair, thugadh air mun cuairt air 5000 Albannach a chaidh a chur an grèim, coiseachd gu deas fad còrr air 100 mìle. Chaochail mòran le acras agus tinneas air an t-slighe gu Caisteal agus Cathair-eaglais Dhurhaim far an deach an cur don phrìosan. Chaochail timcheall air 1600 prìosanach Albannach eile ann an Durham sa gheamhradh 1650. Chaidh na cuirp aca an sadail ann an uaighean mòra. De na 5000 Cùmhnantaich a chaidh a mhàrsaileadh gu deas, cha do mhair beò ach 1200. Bha a' mhòr-chuid air an reic mar thràillean ann an Ameireaga agus sa Charibbean. Thugar air cuid dhiubh sabaid às leth Chrombail san Fhraing.

Thug Crombail agus an Seanailear Monck às a dhèidh ionnsaigh air bailtean agus caistealan, agus ghabh iad seilbh air Alba. Mhill Monck Caisteal Ros Linne le gunnachan-mòra agus chùm a shaighdearan an cuid eich ann an Eaglais Ros Linne agus loisg iad air ballachan agus ìomhaighean na h-eaglaise len gunnachan.

Bha Crombail na riaghladair teann gus na chaochail e ann an 1658 ('s dòcha le mailèiria). Nuair a fhuair na Rìoghalaich cumhachd air ais ann an 1660, thog iad a chorp, chroch iad ann an slabhraidhean e le a cheann air a thoirt dheth gus am faiceadh gach neach e. Chaidh ceann Chrombail a chur air post air Drochaid Lunnainn.


  • Ìomhaigh Oilibhear Crombail

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.


Download Adobe Flash Player to listen to the audio online.

Download the latest flash player

Èist ris “Am Bonaid Albannach” no “Scotch Cap”, a chaidh fhoillseachdh an toiseach ann an 1651. B’ e pàirt den chiad chruinneachadh de shèistean dannsa mòr-chòrdte a chaidh fhoillseachadh ann am Breatainn. Bha seo cho mòr-chòrdte ’s gun mhair e ann an clò gu 1728. Tha an t-sèist air a chuich an seo air a’ chlàrsach, an reacòrdair, an giotar baroc, am bodhran, le druma agus fidheall.