Scotlands History

Iain Greumach à Claverhouse

Bha aithne air Iain Greumach à Claverhouse, Biocant Dhùn-deagh an dà chuid mar ‘Dùn Deagh Bòidheach’ agus ‘Clàibheirs Fuilteach’.

Do na Seumasaich b' e ‘Dùn Deagh Bòidheach’ a bh’ ann, gaisgeach a stiùir luchd-taice Sheumais a bh' air fhògradh, an aghaidh feachdan Riaghaltas Uilleim agus Mhàiri.

Do na Cùmhnantaich Chlèireach, b' e ‘Bluidy Clavers’ – ‘Clàibheirs fuilteach’ a bh' ann an Iain Greumach òg à Claverhouse – agus e a' murt nan Cùmhnantach agus gan cur fo uabhas neo-thròcaireach.

Air 1 Cèitean 1685 chuir Greumach Chlaverhouse Cùmhnantach air an robh Iain Donn an grèim. B' e an t-aon eucoir a rinn e a dhol gu seirbheisean ùrnaigh Cùmhnantach air a' mhòintich agus gun frith-mhinistear na sgìre a fhrithealadh. Nuair a dhiùlt Iain Donn ùrnaigh a dhèanamh airson an Rìgh, thug Claverhouse a-mach gunna agus mharbh e le peilear e air beulaibh a mhnatha agus a chloinne.

Ann an 1689, nuair a thuig Iain Greumach gum biodh Uilleam na Rìgh air Alba, rinn e màrsail à Dùn Èideann agus thog e a' bhratach rìoghail air Cnoc Dhùn Deagh. B' e ceannard òg agus tarraingeach a bh' ann. Ghairm e Cinnidhean na Gàidhealtachd, a' tional arm a bha dìleas don Rìgh Seumas.

B' e Blàr Choille Chnagaidh a' bhuaidh a bu mhotha a choisinn Greumach Chlaverhouse. B' i cuideachd a bhuaidh mu dheireadh. Chaidh peilear a chur ann an ‘Dùn Deagh Bòidheach’ agus a mharbhadh agus e a' treòrachadh a shaighdearan an aghaidh feachd leis an Riaghaltas a bha dìleas do Uilleam 's do Mhàiri. Bhuannaich na Seumasaich am blàr ach chaidh ‘Dùn Deagh Bòidheach’ no ‘Clàibheirs Fuilteach’ a mharbhadh.


  • dealbh de Iain Greumach à Claverhouse, 1649-1689

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.