Scotlands History

Teàrlach 1 (19 Samhainn 1600 - 30 Faoilleach 1649)

Dàrna mac Seumas VI agus I agus Anna na Danmhairg, b' e Teàrlach an t-oighre nuair a chaochail Eanraig, a bhràthair a bu shine ann an 1612. Ghabh e àite athar ann an 1625 agus bha e a' riaghladh gus an deach a chur gu bàs ann an 1649.

Phòs Tearlach I Oighrig Màiri na Frainge ann an 1625 agus bha còignear chloinne aca a thàinig gu ìre: Tearlach II, Màiri, Seumas VII agus II, Eanraig agus Oighrig Anna.

Dh'adhbhraich oidhirpean gus ath-leasachadh creideimh a bhruthadh air Alba agus a thoil a bhruthadh gu dìreach air an dùthaich a dh’aindeoin beachdan a phàrlamaid, aimhreit agus lean e gu cogadh sìobhalta dà thuras. Mu dheireadh thàinig a phàrlamaid (eadhon Oilibhear Crombail a bha na dhuine gnèitheil) chun a' cho-dhùnaidh nach biodh sìth ann fhad 's a bha Teàrlach beò – chaidh fheuchainn airson brathadh, chaidh fhaighinn ciontach agus a chur gu bàs.

Chaidh Teàrlach I chun a' chnaip air Dimàirt 30 Faoilleach 1649.


  • dealbh peantaidh de Teàrlach I, 1600-1649 is e mu dheich bhliadhna a dh'aois

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.