Scotlands History

Taighean Dubha

B' e taigh beag traidiseanta air a thogail de chloich a bh' ann an taigh-dubh. B' ann air Gàidhealtachd agus ann an Eileanan na h-Alba a bu trice a chithear e.

Sa chumantas b' e structar a bh' ann le balla cloiche dùbailte, tarsannan fiodha, làr de thalamh chruaidh agus mullach tughaidh air a dhèanamh le sgrathan agus connlach. Cha robh similear ann idir. Bha an taigh-dubh na dhachaigh an dà chuid do dhaoine agus don sprèidh.

Chan eilear cinnteach cò às a thàinig an t-ainm. Tha cuid den bheachd nach eil ann an ‘dubh’ ach coimeas ris na taighean ‘geala’ a thigeadh às an dèidh, agus tha cuid eile den bheachd gu bheil fuaim an fhacail ‘dubh’ agus an fhacail ‘tugh’ uabhasach coltach ri chèile, agus gun deach a' bhrìgh cheart a chall san eadar-theangachadh.


  • dealbh de thaigh Dhubh Arnol
  • dealbh de cuibheall-shnìomh ann an taigh dhubh Arnol

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.