Scotlands History

Anna na Danmhairg (12 Dùbhlachd 1574 – 2 Màrt 1619)

B' e an dàrna nighean aig Frederic II na Danmhairg a bh' ann an Anna na Danmhairg. Le Seumas VI agus I a phòsadh thàinig i gu bhith na Banrigh Cèile air Alba, Sasainn agus Èirinn. Bha triùir chloinne aca a thàinig gu ìre: Eanraig, Ealasaid agus Tearlach I. Bha strì mu àrach na cloinne, gu sònraichte Eanraig, na mheadhan air gu robh Anna agus Seumas a' fuireach air leth.

Tha buaidh agus inbhe Anna rim faicinn gu sònraichte ann an saoghal nan ealain. Bha na mascan a chuir Anna na Danmhairg air bhonn ainmeil. Rinn a cluiche pearsanta fhèin – a bha gu tur maslach aig an àm – mòran airson adhbhar nam ban anns na h-ealain dhràmadach a chur air adhart aig àm nuair a bha fir òga a' cluich pàirt nam ban anns na taighean-cluiche.

Chluich a' Bhanrigh Anna maille ri ‘mnathan urramach’ a cùirte ann an grunn de mhascan sgrìobhte le Ben MacIain, nam measg ‘The Masque of Beauty’.

...A horrors vanish, and all name of Death,
Bee all things here as calme as is my breath.
A gentler Wind, Vulturnus, brings you newes
The Ile is found, & that the Nymphs now vse
Their rest, & ioy. The Nights black charmes are flowne.

The Masque of Beauty, Ben MacIain, 1608

Chuir Anna den Danmhairg cuideachd air bhonn mòran phìosan ealain, a' cur gu mòr ris a' Chruinneachadh Rìoghail. Ro 1617 bha Anna air fàs garbh tinn. Chùm a slàinte a' dol na bu mhiosa agus chaochail i ann an 1619.

Rè an Ath-aiseig bheireadh Teàrlach II, ogha Anna na Danmhairg, an taigh-cluiche air ais a Bhreatainn, an dèidh dha a bhith air a dhèanamh mì-laghail. Bha cead aig boireannaich cluiche air an àrd-ùrlair mu dheireadh thall agus bha bana-chluicheadair, Nell Gwyn, ainmeil mar choimhleapach Teàrlach II.


  • dealbh de Anna na Danmhairg mu 1605

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.