Scotlands History

Rìghrean, banrighrean agus uaislean

Tha sinn a' fàs suas le leabhraichean sgeulachdan chloinne far a bheil dealbh ga thoirt dhuinn air rìghrean, banrighrean agus bana-phrionnsan a tha air leth iongantach agus do-chreidsinn. Tha an tè mhaiseach na cadal a' tuiteam fo gheasaibh ann an caisteal draoidheil. Gheibh thu rìghrean agus banrighrean le crùin làn de sheudan agus gùintean a chaidh a dhèanamh le bian.

Ann an Alba anns na meadhan-aoisean cha b' ann mar sgeulachd-shìdhiche a bha a' chùis idir.

Aig deireadh na 14mh agus 15mh linne dh'fheumadh rìghrean na h-Alba sùil gheur a chumail air na h-uaislean aca. Bha an an riaghladh agus eadhon am beatha ann an cunnart bho nàimhdean nan rìoghachd fhèin.

Chaochail Daibhidh Stiùbhart, am mac bu shine aig Rìgh Raibeart III gu dìomhair aig Lùchairt Falcland ann an 1399. Rinneadh Daibhidh na lioftanant air Alba anns a' bhliadhna sin. Chuir Raibeart Stiùbhart, bràthair-athar ciad Diùc Alba dhan phrìosan e. Thathar a' creidsinn gun d' fhuair an t-oighre bàs air sgàth gun do chùm an Diùc biadh bhuaithe.

Bha eagal air Rìgh Raibeart III airson beatha Sheumais, am mac òg aige. Anns a' Ghearran 1406 chaidh Seumas a thoirt bho Chaisteal Dhirleton gu Creag Bhas agus Raibeart III a' feuchainn ri mhac a bha 11 bliadhna a thoirt sàbhailt don Fhraing. Chaidh bàta Sheumais a stad aig muir agus chaidh a chumail ann an grèim ann an Sasainn airson 18 bliadhna. Bha e air a ràdh gun do dh'iarr Rìgh Raibeart III a bhith air a thiodhlacadh fo òcraich le na facail sgrìobhte, 'Na laighe an seo tha an Rìgh bu mhiosa agus an duine bu truaighe'.

Mu dheireadh thill Seumas gu Alba ann an 1424. Bha e air Seonag Bheaufort a phòsadh, co-ogha Rìgh Eanraig VIII Shasainn. Aig àm nuair a bha a' mhòr-chuid de phòsaidhean rìoghail air an dèanamh airson gum biodh co-chòrdadh air a neartachadh agus dioplòmasaidh air a chuideachadh, phòs Seumas agus Seonag tro ghaol.

Chaidh Seumas a chrùnadh aig Sgàin mar Rìgh Seumas I. Chuir e roimhe an rìoghachd fhaighinn air-ais. Bha Raibeart Diùc Albany, a' riaghladh Alba, gus na chaochail e ann an 1420. Ghabh Murchadh a mhac àite. Thug Seumas I Murchadh agus a dhithis mhac gu cùirt airson brathadh agus chuireadh gu bàs iad ann an Sruighlea anns a' Chèitean 1425.

'S e iar-oghaichean Rìgh Raibeart II bha ann an Seumas agus Murchadh. Phòs Raibeart II dà uair – b' i a' chiad bhean aige a choimhleapach, Ealasaid Mhure. Bha tagraidhean air an dèanamh airson gach fear, a thaobh cò bu chòir bhith air an rìgh-chathair. Mu dheireadh chaidh Rìgh Seumas I a mhurt airson sin.

Air oidhche 21 Gearran 1437 bha Seumas I a' fuireach aig manachainn nam Manach Dubha ann am Peairt. Bha e an sin còmhla ri a Bhanrigh agus a maighdeannan. Nuair bha Seumas a' dèanamh deiseil airson a dhol don leabaidh chuala e daoine le armachd anns a' mhanachainn. Dh'fheuch a' Bhanrigh agus na maighdeannan ris an doras a chumail dùinte fhad 's a bha Seumas a' feuchainn ri pìosan den làr a thogail le clobha a fhuair e aig an àite-teine. Chaidh Seumas sìos don t-sàibhear fon taigh-bheag a' fiachainn ri faighinn air falbh ach cha robh dòigh air faighinn às.

Stiùir an Ridire Raibeart Greumach buidheann de dhaoine le armachd gu rùm an rìgh agus bhris iad a-steach. Anns an t-sabaid chaidh dithis de na maighdeannan a ghoirteachadh agus a' Bhanrigh a leòn. Bha na murtairean a' toirt taic dha Iarla Athall, a bha na oighre air a' chrùn às dèidh mac Sheumais. Bha na daoine a' lorg an rìgh le claidheamhan, tuaghan, sginean, slatan agus armachd eile bha eagalach agus uabhasach.

Chaidh an rìgh a lorg agus chaidh duine an dèidh duine a thoirt sìos don t-sàibhear fon taigh-bheag. Rinn  Seumas I strì airson a bheatha gun armachd sam bith. Chuireadh gu bàs e leis an Ridire Raibeart Greumach a dhiùlt iarrtasan an rìgh airson fear-aidich, ag radh 'chan fhaigh thu tròcair an seo'.

Fhuair a' Bhanrigh Seonag beò saor bhon chuilbheart agus fhuair i dìoghaltas air na daoine a mharbh a fear gràdhach. Chaidh an sealg, am pronnadh gun tròcair agus an cur gu bàs. Chaidh pronnadh uabhasach a dhèanamh air Iarla Atall agus Raibeart Greumach mus deach am marbhadh.


  • Dealbh peantaidh de Seumas I, neach ealain neo-aithnichte
  • Seula Seumas I mu 1424

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.