Scotlands History

Calum a' Mhaighdeann (1141-1165) agus Uilleam an Leòghann (1142-1214)

B' e Calum IV Rìgh Alba (1141—1165) am mac bu shine aig Eanraig, Iarla Huntingdon agus aig Ada de Warenne. Bha e a' riaghladh bho 1153 gus na chaochail e. An toiseach bha Donnchadh, Mòrmhaor Fhìobha agus arm mòr còmhla ris an rìgh a bha glè òg.

Bha ar-a-mach ann an aghaidh Chaluim na rìoghachd fhèin. 'S e duine òg diadhaidh a bh' ann. Bha a bheatha goirid 's bha e tinn ùine mhòr agus chaochail e gun phòsadh aig aois ceithir air fhichead, (sin bu choireach gun d' fhuair e am farainm, A' Mhaighdeann).

An dèidh dha bhràthair bàsachadh ghabh Uilleam I (1142-1214) an rìgh-chathair. Eu-coltach ri laigse Chaluim, bha Uilleam a bha 22, slàn na chorp agus na inntinn. 'S i bratach Uilleim, Bratach an Leòghainn, Bratach Rìoghail na h-Alba. Bha e a' riaghladh fad 49 bliadhna.

Chaidh Uilleam a ghlacadh aig Blàr Ailenuig agus fhuair e a shaorsa a-mhàin air sgàth gun do ghabh e ris gu robh Eanraig II Shasainn os a chionn. Bha an còrdadh air a dhèanamh foirmeil ann an Còrdadh Fhalaise a thug cuideachd còir dha Eanraig II bean fhaighinn do Uilleam.

Mar sin, phòs Uilleam Ermengarde de Beaumont, ogha Eanraig I. B' e Caisteal Dhùn Èidinn an tochradh. Ri linn a' phòsaidh bha clann aca, Mairead, Iseabal, Alasdair II agus Marjorie. Chaochail Uilleam ann an Sruighlea agus chaidh a thiodhlacadh ann an Abaid Obair Bhrothaig ann an 1214.


  • dealbh den litir 'M' bhon Kelso Charter a' sealtainn Calum IV agus Daibhidh I

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.