Scotlands History

Strì nan Seumasach

B' iad na Seumasaich luchd-taice Rìgh Seumas VII (na h-Alba) agus II (Sasainn), agus oighrean.

Bha Seumas VII agus II a’ riaghladh ann am Breatann, bho 1685 gu 1689, ach seach gur e Caitligeach a bh' ann, chaidh a chrùn a thoirt bhuaidhe agus a toirt dha nighinn, Màiri agus a cèile am Prionnsa Duitseach, Uilleam à Orainds. Bha an Rìgh Seumas a-nis na fhògarrach agus fhuair an fheadhainn sin, a bha fhathast a’ toirt taice dha, an t-ainm, ‘Na Seumasaich’.

B' iad na Cuigsich (‘Whigs’) luchd-taice Uilleim: Breatannaich a bha taiceil don adhbhar Phròstanach agus nach gabhadh ri rìoghachd Chaitligeach air chor sam bith.

Dh’èirich iadsan an aghaidh nan Seumasach, ann an 1689. Rinn na Seumasaich barrachd air aon ar-a-mach. B' iad na prìomh trì: ar-a-mach1689, fo stiùireadh ‘Dùn Deagh Bòidheach’ no Iain Greumach Claverhouse. Chuireadh sìos an ar-a-mach seo gu luath; ar-a-mach Mhàir, no am ‘fifteen’ (1715-1716 ) a thòisich nuair a chaochail a' bhanrigh Anna, am monarc Stiùbhartach mu dheireadh, ann an 1714 agus a chrùnadh a' chiad Rìgh Deòrsa; agus am ‘forty-five’ (1745-1746 ) nuair a dh’èirich feachd Albannach, fo stiùireadh Theàrlaich Eideard Stiùbhairt - no ‘Bonnie Prince Charlie’ an aghaidh rìgh-shliochd Hanòbhair.


  • A' fasdadh airson feachd a' Phrìonnsa
  • dealbh de ghlaine ceangailte ri strì nan Seumasach

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.