Scotlands History

Teàrlach Eideard Stiùbhart 1720-1788

Rugadh Teàrlach Eideard Stiùbhart, ‘Am Prionnsa Bòidheach’ no ‘An Tagraiche Og’, ann an 1720.  B' e ogha Righ Seumas VII na h-Alba, agus II Shasainn, a bh'ann agus bha e a' creidsinn – mar a bha a luchd-leanmhainn – gun robh coir-bhreith aige air crùn Bhreatainn.

Ann an 1745 sheòl am Prionnsa às an Fhraing, agus thog e a bhratach ann an Gleann Fhionghain, air taobh siar na Gàidhealtachd. Bha e an dòchas feachd a thogail agus an Rìgh Seòras II a chur às àite. Cha mhòr nach deach leis.

Thug mòran de na cinnidhean Gàidhealach taic dha ach bha feadhainn eile na aghaidh, a' taobhadh ris an rìgh Hanobharianach. Bha a' mhòr-chuid de Ghoill na h-Alba agus de Shasannaich na aghaidh, agus cha d' fhuair e mòran taic bho Sheumasaich Shasainn.

An dèidh còmhrag a mhair fad ochd mìosan, dhubh am feachd Hanobharianach, fo cheannas Diùc Chumberland, mac Rìgh Seòras II, a-mach na bh' air fhàgail de fheachd nan Seumasach, aig Blàr Chuil-Lodair. Dhiùlt Teàrlach Eideard Stiùbhart comhairle a chomanndairean fhèin a bha na b' eòlaiche.

Theich Teàrlach Eideard Stiùbhart bhon raon-chatha; theich e à Alba, agus thill e dhan Fhraing. Chuir e seachad an còrr de a bheatha mar fhògarrach, a' feuchainn ri taic fhaighinn, ag òl agus a' suirighe cus.

Fhuair 'am Prionnsa Boidheach’ cliù mar ghaisgeach muladach romansach. Bha coltas òg agus eireachdail air, a' teiche dhan Eilean Sgìtheanach le cuideachadh bho Fhionnaghal NicDhòmhnaill. Bha e na fhògarrach, agus sùim £30,000 ga tairgsinn air a shon.

Ach cha robh crìoch a bheatha cho romansach. Dh’fhàs e sean, grànnda agus searbh, a' cur na coire airson a chall air a luchd-taice ann an Alba. Chaochail e, reamhar agus na mhisgear, aig aois 67.


  • ìomaigh de Teàrlach Eideard Stiùbhart is e òg
  • Potterow Port, Dùn Èideann
  • Sketch of Charles Edward Stuart at 56 years old

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.