Scotlands History

Cuibhle Na h-Eaglaise Brice

'S e lioft ùr a tha a’ cur charan a tha ann an Cuibhle na h-Eaglaise Brice. Tha i a' ceangal ri chèile Canàl Fhoirthe agus Chluaidh ri Canàl an Aonaidh. Tha a' Chuibhle a-nis mar shamhla air innleadaireachd san 21mh linn ann an Alba.

Chaidh Canàl Fhoirthe agus Chluaidh agus Canàl an Aonaidh a dhèanamh an àirde às ùr leis a' phròiseact adhartach Millennium Link a fhuair £84.5millean. Chosg a' Chuibhle £17.5millean.

Gu 1933 bha an dà chanàl air an ceangal le sreath de 11 ghlasan. An-diugh tha bàtaichean-canàil air Canàl Fhoirthe agus Chluaidh air an togail suas 35 meatair (115 troighean) gu Canàl an Aonaidh

Dh'fhosgail Banrigh Ealasaid II Cuibhle na h-Eaglaise Brice air 24 Cèitean 2002 mar aon de thachartsan a h-Iubaili Òir.


  • Photograph of the Falkirk Wheel

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.