Climate Change\|Climate Change Primary

Sàbhailteachd doineann

Hurricane safety

Tha doineannan na cunnart riaghailteach do choimhearsnachdan ann am Meadhan Ameireaga. Ann an 1998, mharbh Doineann Mitch mu 11,000 neach agus rinn i milleadh mòr air dachaighean, rathaidean, drochaidean is nithean eile.

B’ i an doineann Atlantaic bu chumhachdaiche bho chionn còrr air 200 bliadhna. Bhathar a’ meas gun thuit uisge bliadhna air iomadh coimhearsnachd ann an dhà no thrì làithean. Bha cuid de dhaoine ann an àitean iomallach air an sgaradh bhon t-saoghal a-muigh fad sheachdainean gun uisge glan, gun bhiadh no gun chungadh. Cha robh mòran ann an coimhearsnachdan bochda mothachail air uabhas an stoirm a bha ri teachd oir cha robh cothrom aca air TBh no rèidio.

Mar a bhios teothachd chuantan ag èirigh air sgàth atharrachadh gnàth-shìde thathar a’ meas gu fàs doineannan nas cumhachdaiche. Tha e cudromach gun toirear taic do choimhearsnachdan gus am faigh iad air freagarrachadh a dhèanamh.

Thathar a’ cuideachadh choimhearsnachdan a tha buailteach do mhòr-thubaist ann an caochladh dhòighean.

  • Bheir innealan neo-theicnigeach rabhadh do choimhearsnachdan mu dhoineann ri teachd agus ùine airson sàbhailteachd a ruighinn (faic an dealbh).
  • Chaidh fasgaidhean stoirme a thogail airson sàbhailteachd thoirt don choimhearsnachd ionadail. Tha iad air an togail meatair no dhà os cionn na talmhainn airson daoine a dhìon bho uisge thuiltean.
  • Chaidh sgiobaidhean teasargainn sònraichte saoraidh a thrèanadh agus uidheamachadh airson daoine so-leònte a shàbhaladh agus a’ choimhearsnachd a ghluasad gu àitean eile nam biodh i air a gearradh dheth.
  • Thathar ag ath-chur chraobhan is luibhean air sliosan bheanntan airson tuiltean is beuman-slèibhe a lughdachadh. Thathar a’ togail bhallachan-gleidhidh airson dachaighean a dhìon bho bheuman-slèibh.

Tha e cuideachd cudromach gun toirear piseach air ionmhas is taigheadas theaghlaichean ann an dùthchannan a tha a’ leasachadh. Nì seo am beatha nas fheàrr sa chumantas ach nì e nas treise iad cuideachd nuair thachras mòr-thubaist.

Ceist mheòrachail

  • Dè an ìre gu bheil ar sgoil a’ toirt air adhart eòlas ionnsachaidh freagarrach a bhios maille ri tabhartas carthannais nuair thachras mòr-thubaist?
Dealbh: Gonzalo Bell/SCIAF